Enable job alerts via email!

Support for Learning Assistant, Gaelic, Sgoil an Rubha

Comhairle nan Eilean Siar

City of Edinburgh

On-site

GBP 17,000 - 19,000

Full time

5 days ago
Be an early applicant

Boost your interview chances

Create a job specific, tailored resume for higher success rate.

Job summary

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' sireadh neach-cuideachaidh taic do ionnsachadh airson foghlam ùr-ghnàthach. Bidh an neach gu bhith a' cur taic ri clann le feumalachdan taice a bharrachd, a' toirt a-steach smachd ann an raon-cluiche agus taic do shlàinte. Tha feum air clàrachadh PVG agus eòlas air obair le clann.

Qualifications

  • Feumaidh eòlas a bhith agad air a bhith ag obair le clann.
  • Tuigse air feumalachdan bunaiteach cloinne.
  • Comas a bhith ag obair mar phàirt de sgioba.

Responsibilities

  • Taic a chur ri clann le feumalachdan taice a bharrachd.
  • Cumail smachd air clann san raon-cluiche.
  • Taic a thoirt do shlàinte is sunnd na cloinne.

Skills

Co-obrachadh le daoine
Foighidinn
Cuideachadh do chlann

Education

Clàrachadh airson Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta

Job description

Neach-cuideachaidh Taic do Ionnsachadh, Gàidhlig, Sgoil an Rubha
27.5 uairean gach seachdain, rè teirm na sgoile, ùine-shuidhichte gu 12 Lùnastal 2026
£17,926 - £18,602 gach bliadhna, a’ gabhail a-steach £1,789 de Chuibhreann Eileanan Iomallach gach bliadhna

Bidh aig an neach a gheibh an dreuchd ri taic a chur ri clann is daoine òga le feumalachdan taice a bharrachd (FTB). Bidh na dleastanasan a bhiodh aig an neach seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt cuideachaidh do luchd-teagaisg gus feumalachdan foghlaim, cùraim phearsanta agus sochaire a choileanadh; a’ cumail smachd air clann san raon-cluiche/aig àm lòin; a’ toirt taic do dh’ion-ghabhaltas na cloinne gu lèir; a’ toirt taic ri slàinte is sunnd na cloinne agus a’ leantainn stiùireadh Getting It Right for Every Child (GIRFEC).

Feumaidh: eòlas a bhith agad air a bhith ag obair le clann, mar phàrant no mar phàirt de dhreuchd shaor-thoileach no phroifeasanta; tuigse a bhith agad air feumalachdan bunaiteach cloinne; comas a bhith agad ann a bhith a’ co-obrachadh gu h-èifeachdach le daoine eile mar phàirt de sgioba; nàdar foighidneach, sunndach, a bhith agad, le dòigh-obrach shùbailte, fhosgailte agus choibhneil.

Feumaidh an neach a bhios san dreuchd a bhith clàraichte airson Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a thaobh a bhith ag obair le clann.

Tha tuarastal na dreuchd seo a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid an neach a shoirbhicheas fhastadh air a’ chiad phuing de na rangan.

Tha e riatanach gun leugh thu an cunntas-obrach agus an sònrachadh pearsanta ’s gun toir thu iomradh air mar a tha thu a’ coileanadh gach slat-tomhais air a bheilear a’ toirt iomradh anns an t-sònrachadh phearsanta nad aithisg eòlais.

Thèid agallamhan a chumail an làthair gu pearsanta, a’ toirt cothrom dha tagraichean coinneachadh ris an sgioba agus beachd fhaighinn air ar àrainneachd obrach.

Ceann-latha: Diluain 23 Ògmhios 2025

Get your free, confidential resume review.
or drag and drop a PDF, DOC, DOCX, ODT, or PAGES file up to 5MB.