Enable job alerts via email!
Boost your interview chances
Create a job specific, tailored resume for higher success rate.
A leading organization in Scotland is seeking a Social Care Assistant to support the social, emotional, and physical needs of residents. The role requires effective communication and teamwork skills, with a commitment to achieving qualifications in care. This position offers a competitive hourly wage and the opportunity to work in a rewarding environment.
Luchd-cuideachaidh Cùraim Shòisealta Faothachaidh, Àite-fuirich Còmhnaidheach Ardseileach (3156)
£14.79 gach uair, a’ gabhail a-steach £1.42 gach uair de Chuibhreann Eileanan Iomallach
Bidh na dleastanasan agad a’ gabhail a-steach a bhith cuideachadh le bhith dèiligeadh ri feumalachdan sòisealta, faireachail agus corporra an luchd-còmhnaidh agus an luchd-cleachdaidh sheirbheisean latha, gus am bi beatha gach neach cho sàsachail agus neo-eisimeileach ’s a ghabhas.
Bu chòir tuigse a bhith agad air feumalachdan dhaoine le ciorraman ionnsachaidh, an comas a bhith ag èisteachd gu h-èifeachdach agus a’ conaltradh gu soilleir, agus ag obair mar phàirt de sgioba. Bu chòir SVQ Ìre II ann an Cùram a bhith agad (no teisteanas co-ionann), agus mura a h-eil seo agad - feumaidh an comas a bhith agad an teisteanas seo a ghabhail os làimh is a choileanadh - 36 mìos an dèidh clàradh le SSSC.
Tha cleachdadh còmhdach-dìon PPE riatanach san obair seo.
Feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le inbhich san dreuchd seo.
Bidh an neach san dreuchd seo ag obair a rèir iarrtas nuair a tha luchd-obrach maireannach dheth. Tha tuartastal na dreuchd seo a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh san Tuairisgeul Obrach agus san Tuairisgeul Pearsanta a tha an lùib seo.
Thèid agallamhan a chumail an làthair gu pearsanta, a’ toirt cothrom dha tagraichean coinneachadh ris an sgioba agus beachd fhaighinn air ar àrainneachd obrach.
Ceann-latha: Diluain 2 An t-Ògmhios 2025